Categories

PART OF THE Illumination ISSUE

Welcome to the wedding of the year

Published by Sandstone Press as part of the unique Lasag series for Gaelic learners, here we meet Anna who is fed up buying extravagant presents for yet another friend’s wedding. When she meets Donald, who is equally cynical about weddings, they set out to plot an ultimate act of deception.

Extract from Banais na Bliadhna
By Maureen MacLeod
Published by Sandstone Press

Anna finds herself relegated to the singletons’ table at her friend’s wedding. The bride hopes some of her single friends will pair up together, but for Anna it’s an ordeal. She falls into conversation with Dòmhnall, a friend of the groom, and it turns out they have the same cynical attitude about extravagant weddings and the expensive presents that couples feel they’re entitled to. Their drunken conversation leads to an audacious proposition.

Dè bha ceàrr air fhàgail aig fuids[1] an cumadh cridhe? No uisge-beatha, no bràiste[2] mar chomharra gun robhas air airgead a thoirt do charthannas às do leth? Cha robh sin gu leòr do thòrr chupal an-diugh, ge-tà. Bha leithid Seonag agus Niall ag iarraidh fàbhar eile a thoirt do dh’aoighean singilte – gaol a lorg dhaibh. Lùigeadh[3] Anna bòrd nan singilteach a chur bun-os-cionn.

Choinnich Anna ri Seonag air a’ chiad latha san àrd-sgoil, iad nan dlùth charaidean bhon uair sin. Do Sheonag, bha a h-uile càil dubh agus geal, i gnothachail agus fada na ceann mu iomadh rud ach bhiodh e duilich tè na bu dhìleas neo còir a choinneachadh. Anns na mìosan dorcha às dèidh do Chaomhain a fàgail, ’s iomadh turas a chleachd i cluasan agus sòfa Sheonaig.

Cho luath ’s a thilleadh iad bho mhìos nam pòg, dhèanadh Anna cinnteach nach biodh teagamh sam bith air Seonag dè a beachd air bòrd nan singilteach. Cha mhòr nach cluinneadh i Seonag, ge-tà. Bhiodh freagairt chlubhar air choreigin aice – ’s dòcha àireamhan air a teanga mu cia mheud neach a phòs ann am Breatainn sna deich bliadhna mu dheireadh às dèidh coinneachadh aig bainnsean. Sin an seòrsa tè a bh’ ann an Seonag.

Choimhead i mun bhòrd, air na mì-fhortanaich eile a bhathas den bheachd a dh’fheumadh cuideachadh. Nuair a bha iad ag ullachadh plana nan suidheachan, dè an ùine a chaidh a chosg air a’ bhòrd seo? Bha e a cheart cho dòcha nach tug Niall an dàrna smuain dhan seo neo mòran eile, gach nì air a chur air dòigh mus fhaigheadh esan an cothrom a bheul fhosgladh.

Dè cho tric ’s a thàinig air Seonag am bòrd seo atharrachadh sna seachdainean a chaidh seachad a rèir ghluasadan ann an suidheachadh dhaoine? Freya, mar eisimpleir, a bha na suidhe mu coinneamh – cò a chumadh suas leis an robh neo nach robh fireannach na beatha-se, sin ag atharrachadh nas trice na na mìosan! Dh’fheumadh Seonag ùidh mì-fhallain a chumail ann am beatha phearsanta an ochdnair a bha aig a’ bhòrd gun fhios nach robh feum aca air seat aig bòrd nan singilteach tuilleadh!

Choimhead i ri a companaich – còignear bhoireannach agus triùir fhireannach. Nach robh seo mar chomharra air mar a bha cùisean an-còmhnaidh – tòrr a bharrachd fireannaich na boireannaich?

Nam biodh sùil aig barrachd na aon bhoireannach anns an aon fhear, dè thachradh? Am biodh farpais neo sabaid ann gus a’ chùis a rèiteach? ’S dòcha nach robh dragh aig Seonag cho fad ’s gum biodh cupal neo dhà ùr air an cruthachadh bhon latha. An dùil a bheil farpais dìomhair ann a tha a’ toirt bhoucherean Debenhams dhut a rèir cia mheud cupal a chruthaicheas tu aig do bhanais? Cha robh ann ach fèill-mhart[4] am beachd Anna.

Phew – bha aon bhoireannach nas lugha san fharpais! Cha b’ fhada gun robh e follaiseach gun robh sùil aig Freya ann an cuideigin aig an ath bhòrd, i a’ dol a-null gus bruidhinn ris gu cunbhalach. Cha bhiodh sgeul oirrese tuilleadh cho luath ’s a bhiodh am biadh seachad.

Bha dithis de a dlùth charaidean aig a’ bhòrd a bharrachd air Freya agus co-ogha do Sheonag. Bhiodh an triùir fhireannach a’ cluich ball-coise còmhla ri Niall agus bha beagan eòlais aice orra tro bhith gan coinneachadh aig tachartasan eile còmhla ri Seonag agus Niall. Cha do dh’adhbhraich gin den triùir aca buiceil[5] na stamaig neo na cridhe.

Ghluais i seo uile gu cùl a h-inntinn oir bha gach nì mu latha mòr Sheonaig àlainn agus bhiodh e duilich gun tlachd fhaighinn às. Bha Seonag ag itealaich timcheall mar dealan-dè[6] bòidheach, eu-comasach a’ ghàire, a bha cho mòr ri coille, a chumail far a h-aodainn. Bha coltas oirre gun robh i a’ sanasachd fiaclair sònraichte neo uachdar-fhiacail[7], Anna a’ sùileachadh gun nochdadh rionnag ghleansach os cionn a beòil bho àm gu àm mar a chitheadh tu air an telebhisean.

Tha ùidh às ùr aig daoine anns na h-òraidean an-diugh – airgead ri dhèanamh às a’ chùis dhan fheadhainn a chuireadh geall air am faid. Bhiodh deagh sporan a’ feitheamh air an neach a b’ fhaisg a ghealladh.

Rinn Dòmhnall, a bha cuideachd aig bòrd nan singilteach, oraid. Nearbhach an toiseach, bhlàthaich e chun ghnothaich às dèidh lachanaich a chluinntinn bho na bha an làthair. A’ gabhail air a shocair le sgeulachdan èibhinn agus a’ crìochnachadh le dealbhan sgoinneil de Niall a chaidh a thogail air an oidhche ‘stag’, dh’aithnicheadh tu gun robh e air mòran ùine a chur seachad air an oraid. B’ ann gu math goirid a bha na bh’ aige ri ràdh ach ghlac e daoine leis an dòigh tharraingich a bh’ aige air sgeulachd innse. ’S dòcha gun robh i ceàrr ach shaoil Anna gum faca i deòir aig amannan.

[1] fuids  fudge

[2] bràiste  brooch, badge

[3] lùigeadh  desiring, longing

[4] fèill-mhart  cattle market

[5] buiceil  fluttering

[6] dealan-dè  butterfly

[7] uachdar-fhiacail  toothpaste


Banais na Bliadhna by Maureen MacLeod is published by Sandstone Press on November 17 (PB, £7.99)

Share this

ALSO IN THIS ISSUE

The Story of Cardross Seminary click The Story of Cardross Seminary

‘The decaying ruin of the former seminary itself sat patiently awaiting its fate throughout’

READ MORE

Whisky Island: A Visual Tour of Islay click Whisky Island: A Visual Tour of Islay

Behind the scenes on Scotland’s picturesque island of distilleries

READ MORE